29 Samhain 2007

Calum Noah air BBC Alba

Théid Calum Noah a chraoladh air BBC 2 aig 18:00 uairean air Diar-Daoin 20 an Dùbhlachd 2007.

*****

25 Òg-mhios 2007
Premiere Calum Noah aig Féis Film Eadar-Nàiseanta Dhùn Éideann

Théid an dreach Beurla de Chalum Noah a shealltainn aig Féis Film Eadar-Nàiseanta Dhùn Éideann am-bliadhna. Chaidh a thaghadh mar phàirt de phrógram Dealbhan Beò Teaghlaich Di-Sathairne 25 Lùnastal. Cha mhór nach eil a’ film deiseil agus tha Catrìona NicilleDhuibh a’ coimhead air adhart ri crìoch a chur air ann an deagh àm an dà chuid airson na Féise agus airson breith a’ chiad phàiste aice san t-Sultain!

*****

04 Dùbhlachd 2006
Pìobairean Bhòrnais: Mór an Ameireaga

Tha Pìobairean Bhòrnais, a’ gabhail roimhe ás leth filmichean Gàidhlig thar nan Stàitean ’s Chanada air an Nollaig sa mar phàirt de bhocsa-seata DVD. ’S e air fear de 18 filmichean a rinn stiùirichean bho mion-chultaran, tha an sgeulachd bho Uibhist a-Deas ga sgaoileadh le lebhiàtan film, Warner Home Video, thar Ameireaga a-Tuath.

Chaidh Pìobairean Bhòrnais a shealltainn anns a’ chiad Fhéis Film Gach-Rathad leis an National Geographic ann an Los Angeles agus ann a Washington DC sa bhliadhna 2004. Tha leithid Spike Lee agus Kiefer Sutherland air bòrd na féise, còmhla ri luchd-eòlais mhion-chultaran leithid N. Bird Runningwater bho Féis Film Sundance.

Chaidh 18 de na filmichean as fheàrr a thaghadh, an dà chuid feadhainn ghoirid agus làn-fhaide, airson Cruinneachadh Féis Film Gach Rathaid. Buinidh na filmichean do mhion-chultaran anns na Stàitean, New Zealand, Astràilia, an Ruis, Zimbabwe, Kazakhstan, Afraga a-Deas agus Alba, agus se Pìobairean Bhòrnais an aon fhilm ann bhon Roinn Eòrpa an-iar. Bidh an seata ga reic o 15 Dùbhlachd.

*****

02 Màrt 2006
Calum Noah: Guthan Gasda sa Chanastair

Tha sinn fìor thoilichte innse g’eil trì sàr actairean Gàidhlig air an guth a thoirt don phròiseact tha dol againn, Calum Noah. Chaidh Iain MacilleMhìcheil, Màiri Mhoireasdan ’s Anna Nic na Ceàrdaich a chlàradh an Dùn Éideann an t-seachdain sa chaidh. Nach iad a fhuair gàir’ ás an sgeul. Diog an-seo son dealbhan den là aca san stiudio.

*****

3 Lùnasdal 2005
Pìobairean Bhòrnais air Program Ealain STV

Seallaidh Catrìona NicilleDhuibh mar a rinn i Pìobairean Bhòrnais air Càrlas, am program ealain ùr aig STV, Di-Sathairne 6 Lùnasdal aig 13.25.

*****

19 Giblean 2005
Catrìona 's na Colourists air Telebhisean a-rithist

Théid Catrìona 's na Colourists a shealltainn air BBC2 Alba aig 18.30 uairean, air Diar-daoin 5 Céitean 2005.

*****

12 Giblean 2005
Solas Uaine airson Calum Noah

Tha Calum Noah, am pròiseact as ùire aig Am Bocsa, air airgead crannchuir fhaighinn bho Sgrion Alba. Le comisean mar-thà bho BBC Alba, agus gealladh maoineachaidh bho Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig, tha Calum Noah a-nis deiseil airson riochdachaidh. Tha sinn an dòchas crìoch a chur air a’ film, a mhaireas cóig mionaidean, ann am meadhan 2006.

*****

3 Gearran 2005
Pìobairean Bhòrnais ann an New Zealand

Théid Pìobairean Bhòrnais a shealltainn san Òg-mhios, aig féis Maori ann an New Zealand.

*****

11 Faoilleach 2004
Catrìona 's na Colourists air a thaghadh
airson na Feis Cheiltich

Chaidh Catrìona 's na Colourists a thaghadh le Féis Film is Telebhisean nan Dùthchannan Ceilteach, a tha a' gabhail àite ann an Cardiff sa Ghiblinn.

*****

10 Faoilleach 2005
Tha Am Bocsa a' Gluasad

Tha Am Bocsa a' gluasad air 21 Faoilleach 2005. Faic an seòladh 'san àireamh fón ùr againn aig an duilleag "cuir fios".

*****

2 Sultain 2004
Catrìona NicilleDhuibh ’na Rionnaig ann am Prògram Aithriseach

Tha stiùiriche Am Bocsa, Catrìona NicilleDhuibh, ri fhaicinn ann am prògram aithriseach leth-uair a thìde a théid a chraoladh am mìos sa. Leanaidh Catrìona ’s na Colourists na h-oidhirpean aig Catrìona gu bhith a’ lorg càit an do pheant na Dathadairean na dealbhan aca agus gu bhith gan ath-chruthachadh ás a seasamh mar dhealbhan beò. Théid am prògram a shealltainn mar phàirt den t-sreath ealain Ealtainn air BBC2 Alba aig 7.00 uairean feasgar Diar-Daoin 30 Sultain 2004.

*****

18 Lùnasdal 2004
Pìobairean Bhòrnais ann an Ameireaga

Corr is bliadhna bhon deach crioch a chuir air, 's chaidh Pìobairean Bhòrnais a thaghadh airson grunnan fhéisean a bhios a' tachairt as t-fhoghar. Theid am film a shealltainn le Féis Eadar-Nàiseanta Palm Springs nam Filmichean Goirid anns an t-Sultain, agus tillidh e gu California an ath mhios airson Féis Film All Roads, leis an National Geographic. Tha an fhéis ùr seo ag amas gu sonraichte air filmichean bho mion-chulturan, agus bidh i ann an Los Angeles agus ann a Washington DC. Nas fhaisge air an taigh gabhaidh Pìobairean Bhòrnais pàirt ann am Féis Bhaile nam Marsantan ann an Glaschu san t-Sultain.

*****

9 Lùnasdal 2004

Pìobairean Bhòrnais ann an Taisbeanadh san Eilean Sgitheanach

Théid ealan bho Pìobairean Bhòrnais, nach fhacas riamh roimhe, a shealltainn mar pàirt dhen taisbeanadh Captivate aig An Tuireann san Eilean Sgitheanach. Bheir an taisbeanadh sùil air obair bheothadairean ùra bho gach ceàrnaidh de dh'Albainn, agus gabhaidh e àite eadar 14 Lùnasdal agus 25 Sultain. As deidh sin ni e cuairt air feadh na Ghaidhealtachd.

*****

19 Céitean 2004
Pìobairean Bhòrnais air a thaghadh
airson Anima Mundi

Chaidh Pìobairean Bhòrnais a thaghadh le Anima Mundi, a tha a' gabhail àite ann an Rio de Janeiro agus São Paulo, Brazil, san Iuchar.

*****

15 Céitean 2004
Pìobairean Bhòrnais air a thaghadh
airson Féis ann an Aragon

Chaidh Pìobairean Bhòrnais a thaghadh le Festival de Cine de Huesca, a tha a' gabhail àite anns an Spàinn san Òg-mhios.

*****

26 Faoilleach 2004

Pìobairean Bhòrnais anns na British Animation Awards

Théid Pìobairean Bhòrnais a shealltainn air feadh Breatainn sa Ghearran, mar phairt de sgrionaidhean roghainn an t-sluaigh aig na British
Animation Awards
.

*****

13 Faoilleach 2004
Pìobairean Bhòrnais air a thaghadh
airson na Feis Cheiltich

Chaidh Pìobairean Bhòrnais a thaghadh le Féis Film is Telebhisean nan Dùthchannan Ceilteach, a tha a' gabhail àite ann an Dùn-Dèagh sa Ghiblinn.

*****

21 an Dùbhlachd 2003
Pìobairean Bhòrnais air BBC Alba

Théid Pìobairean Bhòrnais a chraoladh air BBC 2 aig 18:00 uairean air Diar-Daoin 8 Faoilleach 2004.